Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 26 May 2016
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 26 Cèitean 2016 aig 10.30m.
An làthair:
A’ Bh-uas I Chaimbeul (ball-ionaid), Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr S Fuller, Mgr C MacLeòid, Mgr F Parr, Mgr T Prag (ball-ionaid), An Dr A Nic na Ceàrdaich,
A’ frithealadh na coinneimh:
Mgr B Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig,
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:
Mgr D Mac an t-Saoir, The Market Specialists
Mgr I Moireasdan, An Comunn Gàidhealach
A’ Bh-uas E NicFhraing, FilmG
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr S MhicGilleBhrath, na M-uas M E NicPheadrais, agus na M-uas C Stephen.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Fhoillseachadh Com-pàirt a leanas:-
Cuspair 4 – Mgr T Prag (neo-ionmhasail)
3. Naidheachdan Matha
Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chur fa chomhair nam Ball, is iad a’ buntainn ri agus a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
Às dèidh meal-a-naidheachd a chur air na bha a’ gabhail com-pàirt, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.
4. Taisbeanadh – An Comunn Gàidhealach
Dh’fhoillsich Mgr T Prag com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Ball Bùird de Thaigh-cluiche Cùirt Eden, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.
Thug Mgr Daibhidh Mac an t-Saoir, The Market Specialists agus Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich (ACG) seachad taisbeanadh a bha a’ mìneachadh eachdraidh ACG, an co-theacsa anns an robh e ag obair agus a’ bhuaidh eaconamach dhìreach a bha aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air na sgìrean aoigheachd aige sna 8 bliadhna mu dheireadh. Chaidh fiosrachadh a thoirt seachad mu àireamhan fharpaiseach is luchd-tadhail a bharrachd air fiosrachadh mu Thilleadh air Tasgadh thairis air an aon ùine, le Tilleadh air Tasgadh air a ghabhail mar shlat-tomhais air am bi VisitScotland a’ beachdachadh. Bha a’ bhuaidh eaconamach seo gu math aithnichte agus, mar thoradh, bha an deagh chuid farpais ann gach bliadhna gus am Mòd fhaighinn air aoigheachd. Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faighinn taic bho ghrunn thobraichean, nam measg na meadhanan, Riaghaltas Ionadail agus Riaghaltas na h-Alba agus tro sponsaireachd nàiseanta bho bhuidhnean leithid Banca Rìoghail na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus am Post Rìoghail msaa. Bha Mòdan Ionadail/Roinneil cuideachd a’ gabhail àite air feadh Alba, aig meudan eadar-dhealaichte, agus bha iad uile a’ faighinn taic shaor-thoileach agus sponsaireachd ionadail shusbainteach. Chaidh fiosrachadh a thoirt seachad cuideachd mun ìre chun an robh Mòdan a’ brosnachadh follaiseachd airson na Gàidhlig agus chaidh eisimpleirean a thoirt seachad.
Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-
- Bha ACG a’ dèanamh tabhartas susbainteach a thaobh a bhith a’ buileachadh nam prìomh mhion-amasan Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba;
- Bha Mòdan Nàiseanta Rìoghail soirbheachail gu cunbhalach, an-còmhnaidh a’ dèanamh prothaid shusbainteach agus a’ tarraing luchd-turais gu na h-àiteachan far an robh iad air aoigheachd, aig deireadh na ràithe. Chaidh foighneachd an robh e comasach dèanamh a-mach co-dhiù a bha luchd-turais bho thall-thairis a’ tighinn gu àiteachan air sàilleabh a’ Mhòid;
- bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail cuideachd a’ togail buannachdan susbainteach airson nan aitreabhan far an robhar ga chumail;
- bu chòir gnothachasan ionadail a bhrosnachadh gus cur ri eagrachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail seach gur iad a bha a’ faighinn na buannachd as motha às a’ Mhòd. Dh’fhaodadh seo a bhith tro chìsean turasachd ionadail no tro BID Turasachd;
- chaidh dearbhadh a shireadh, agus fhaotainn, gun robh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tighinn chun na Gàidhealtachd a h-uile trì bliadhna. Bhiodh e a’ gabhail àite sa Ghearasdan ann an 2017 agus, ann an 2020, gu àite a dheidheadh aontachadh leis a’ Chomhairle;
- Bha Mòdan cuideachd a’ brosnachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig;
- ged a bha cuid air ceist a thogail roimhe mu Riaghaltas na h-Alba a bhith ag im-dhìon airgead gus taic a thoirt do FMG, chaidh gabhail ris gun robh a bhith toirt aoigheachd dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ dèanamh diofar mòr do dh’ìomhaigh na Gàidhlig sna sgìrean far an robhar ga chumail;
- chaidh fiosrachadh a shireadh mu na slatan-tomhais/goireasan a bha a dhìth gus aoigheachd a thoirt do Mhòd agus bhiodh e feumail nan coimheadadh Buill air a seo a-rithist nam biodh sin gu feum; agus
- aig àm nuair a bha cuideam air buidseatan Chomhairlean, bha e cudromach gun robh Buill a’ cuimhneachadh cho cudromach ’s a bha e taic a chumail ris a’ Ghàidhlig.
Às dèidh taing a thoirt do Mgr Mac an t-Saoir agus Mgr Moireasdan, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
5. Taisbeanadh – FilmG
Thug a’ Bh-uas Eilidh NicFhraing, Oifigear Pròiseict FilmG seachad taisbeanadh mun bhuaidh aig FilmG 8 ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, is mòran sgoiltean is luchd-dèanaidh fhilmichean a’ gabhail com-pàirt. Bha sgìre na Gàidhealtachd air a bhith gu sònraichte soirbheachail ann am FilmG 8 agus bha 7 luchd-film bhon sgìre air buannachadh. Thug a’ Bh-uas NicFhraing iomradh cuideachd air na bha air thoiseach airson sgioba FilmG is iad ag obair gu ruige a bhith a’ cur air bhog naoidheamh Farpais Bhliadhnail airson Filmichean Goirid Gàidhlig, is sin gu bhith a’ gabhail àite ann an Dùn Èideann air 13 Ògmhios. Gus tàlantan dhaoine òga a thaisbeanadh, chaidh film goirid a chaidh a dhèanamh le sgoilearan Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a shealltainn do Bhuill, agus às dèidh sin thug a’ Bh-uas NicFhraing taing do Chomhairle na Gàidhealtachd airson a taic leantainnich.
Às dèidh na cothroman a bha FilmG a’ toirt do dhaoine òga gus com-pàirt a ghabhail leis na meadhanan Gàidhlig a chomharrachadh, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
6. Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/6/16 le ceann-latha 11 Cèitean 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3, “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas.”
Rè a’ chòmhraidh, chaidh aithne a thoirt dhan taic a bha Comhairle na Gàidhealtachd a’ faighinn bho bhuidhnean com-pàirteach ann a bhith a’ buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig aice agus bha seo fìor chudromach ann a bhith a’ coileanadh a h-amasan. A bharrachd, chaidh tuilleadh fiosrachaidh a shireadh, agus fhaotainn, a’ buntainn ri seiseanan trèanaidh Gàidhlig a bha luchd-obrach ann an Ionad-Seirbheis Alanais a’ faighinn.
Às dèidh sin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan aithisg.
7. Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016-17 – Iarrtasan Pròiseict a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/7/16 le ceann-latha 12 Cèitean 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh mu na h-iarrtasan do Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson na h-ùine maoineachaidh 2016-17 le Sgioba na Gàidhlig.
Chaidh GLAIF a chur air bhonn airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus gealltanasan sna Planaichean Gàidhlig stèidhichte aca a lìbhrigeadh, gus taic a thoirt do Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus pròiseactan a lìbhrigeadh ron bhrath fhoirmeil aca gus Plana Gàidhlig a stèidheachadh. B’ e 18 Giblean an ceann-latha dùnaidh airson iarrtasan airson bliadhna ionmhasail 2016-17 agus bha luchd-iarrtais uile gus fios fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig mun cho-dhùnadh aca ro thoiseach an Iuchair 2016.
Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte shònraichte air a’ Chùrsa Bogaidh Gàidhlig do Luchd-teagaisg (GIfT), a bha air a dhealbh airson luchd-teagaisg a bha airson atharrachadh gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bha 5 com-pàirtichean aig a’ Chomhairle ann am buidheann 2015-16 GIfT agus bhiodh e inntinneach sùil a chumail air dè cho soirbheachail ’s a bhiodh an cùrsa san àm ri teachd.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na h-Iarrtasan GLAIF 2016-17 a chuir a’ Chomhairle a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.
8. Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/8/16 le ceann-latha 15 Cèitean 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam”, cuide ri fiosrachadh mu raon farsaing de dh’obair aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Rè a’ chòmhraidh, thug Buill na beachdan a leanas seachad:-
- chaidh iomradh a thoirt air a’ choinneimh a chumadh o chionn ghoirid le Comhairle nan Eilean Siar mu chothroman ionnsachaidh is teagaisg didseatach/iomallach ann an Àrd-sgoiltean (e-Sgoil). Bha seo air a bhith fìor shoirbheachail agus bha an Cathraiche a’ coimhead air adhart ri co-obrachadh leantainneach agus pìolat eadar an dà Chomhairle;
- bhathar an dòchas gun gabhadh e-ionnsachadh a leudachadh gus ionnsachadh inbheach a ghabhail a-steach;
- bhathar a’ beachdachadh air roghainnean airson Sgoiltean tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus Baile Dhubhthaich agus chaidh barantas a thoirt seachad gun deidheadh coimhead air roghainnean uile;
- chaidh briseadh-dùil a nochdadh mu na duilgheadasan a bh’ ann a thaobh a bhith ag ath-bheothachadh FMG ann an Cataibh a Tuath. Ach, bhathar a-nis ag aithneachadh nan duilgheadasan a bha air thoiseach agus dheidheadh aghaidh a chur ris a seo le Buill Ionadail agus a’ Choimhearsnachd;
- chaidh deasbad gum bu chòir raon-ùghdarrais na Buidhne atharrachadh gus a bhith a’ gabhail aire do aithris is sgrùdadh mu chaiteachas uile na Comhairle a thaobh na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach teachd-a-steach bho Thabhartasan. Bhiodh seo a’ soilleireachadh buannachdan tasgaidh, gu h-àraid ann am Foghlam, agus bhiodh seo na chomharra soilleir air na bha a’ Ghàidhlig a’ togail a thaobh Tilleadh air Tasgadh; agus
- ann a bhith ag aithneachadh gun robh Foghlam Gàidhlig na phàirt riatanach de leasachadh poileasaidh na Comhairle a thaobh Clàr-gnothaich 1+2 Chànanan an Riaghaltais, chaidh dearbhadh a shireadh, agus fhaotainn, gun robh clann aig an robh cànanan eile mar-thà seach Beurla, cuideachd air an stiùireadh, far an robh e iomchaidh, gu ruige FMG.
Chuir Buill an cèill briseadh-dùil gun deach dreuchd Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig a chur à bith aig coinneamh na Comhairle air 25 Gearran. Bha Mgr Moireach air tabhartas susbainteach a dhèanamh, cuide ris an sgioba aige, do bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus chaidh iomagain a chur an cèill gun deidheadh adhartas a chaidh a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh a chall mar thoradh air a bhith a’ cur às dhan dreuchd seo. Bha e cudromach gun dèanadh Buill cinnteach gun robhar a’ leantainn air adhart le taic airson na Gàidhlig agus chaidh gach deagh dhùrachd a thoirt do Mhgr Moireach san dreuchd ùir aige taobh a-staigh na Comhairle.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim sa Phlana Ghàidhlig;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann meal-a-naidheachd a chur air na com-pàirtichean Gàidhlig againn taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Comhairle, ann a bhith a’ fàs ar n-àm ri teachd Gàidhlig;
iii. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na bhathar a’ dèanamh gus dùbhlain a rèiteach a thaobh cion rùim ann an togalaichean agus gun robh obair-mheasaidh air tòiseachadh gus coimhead air roghainnean airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis san àm ri teachd (bha na còmhraidhean seo mar phàirt de dh’ath-sgrùdadh thar a’ bhaile a thaobh solar foghlaim agus bha seo a’ gabhail a-steach Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis);
iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh tuilleadh obrach a dhèanamh mu sholar Foghlaim Gàidhlig ann an sgìrean a’ Bhlàrain Odhair/Thunga/Bhaile Dhubhthaich/Inbhir Pheofharain/Inbhir Narann agus Dhruim na Drochaid;
v. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann leantainn air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-Pròbaidh Gàidhlig; agus
vi. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh an dàta staitistigeil Foghlaim Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne uile ùrachadh agus fhoillseachadh.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12 nòin.
- Item 6 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" Report, 52.37 KB
- Item 7 - Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016-17 – Iarrtasan Pròiseict a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig Report, 89.44 KB
- Item 8 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 95.43 KB