Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 11 August 2016
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 11 Lùnastal 2016 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/ Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Cumhachdan Fosaidh
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near nach deach na Cumhachdan Fosaidh a bhuilich a’ Chomhairle aig a coinneimh air 29 Ògmhios 2016 a chur an gnìomh a thaobh gnothachas Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.
4. Naidheachdan Matha
5. Taisbeanadh – Soillse
Bheir an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh Rannsachaidh Gàidhlig agus Stiùiriche Soillse, seachad taisbeanadh mu bhith a’ toirt cumhachd do dh’iomairtean a tha stèidhichte ann an coimhearsnachdan, gus taic a chur ri leasachadh cànain. ’S e co-obrachadh rannsachaidh eadar Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean/Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu a th’ ann an Soillse agus chaidh a stèidheachadh gus comas rannsachaidh nas fheàrr a thoirt seachad a chuireas fios an uair sin ri poileasaidh poblach airson a bhith a’ cumail suas agus ag ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.
6. Cùmhnant nas Cothromaiche airson Craoladh Gàidhlig Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail BBC ALBA
Tha Aithisg Àir. GIG/11/16 le ceann-latha 27 Iuchar 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh a thaobh na freagairt a chuir Comhairle na Gàidhealtachd a-steach gu Co-chomhairle Phoblach Riaghaltas na RA mu Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC, gu sònraichte an earrann a’ buntainn ri Craoladh ann an Gàidhlig na h-Alba.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn an fhreagairt aontachadh, mar a thathar a’ mìneachadh ann an Leas-phàipear 1 den aithisg agus toirt fa-near do na freagairtean a fhuaireadh bho Chathraiche Urras a’ BhBC agus bhon Mhorair Hall, Àrd-Stiùiriche Urras a’ BhBC, mar a thathar a’ mìneachadh ann an Leas-phàipearan 2 agus 3 den aithisg.
7. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016/17 – Iarrtasan Pròiseict a Fhuair Aonta bho Bhòrd na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. GIG/12/16 le ceann-latha 26 Iuchar 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt geàrr-chunntas air Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a chuir Sgioba na Gàidhlig a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson na ràithe maoineachaidh 2016/17. Dhùin GLAIF, airson na bliadhna ionmhasail 2016/17, air 18 Giblean agus chaidh innse do thagraichean uile mu cho-dhùnaidhean a thaobh nan tagraidhean aca air 4 Iuchar 2016.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air na seachd pròiseactan soirbheachail airson GLAIF 2016/17 agus aontachadh:-
i. gun cùm Oifigearan ceangal le BnaG gus na pròiseactan a bhuileachadh seach gu bheil iad a’ faighinn taic bho mhaoineachadh GLAIF 2016/17; agus
ii. gun tèid aithisg dheireannach mu bhuileachadh phròiseactan GLAIF 2016/17 a chur a-steach gu coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd.
8. A’ Ghàidhlig ann an Cleasan Spòrs Coimhearsnachd ann an Com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig, Iomain Cholm Chille agus Slàinte is Sunnd High Life na Gàidhealtachd
Tha Aithisg Àir. GIG/13/16 le ceann-latha 14 Iuchar 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh a’ toirt fios do Bhuill air dà chleas nàiseanta spòrs a tha ag amas gu sònraichte air cleachdadh is togail cànain agus air na sgilean a thathar a’ cleachdadh gus an spòrs a dhèanamh.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan dà thachartas spòrs nàiseanta Gàidhlig a bhios a’ gabhail àite sa Ghàidhealtachd, agus is iad:-
- farpais leantainneach Cuach na Cloinne; agus
- Cupa Iomain na h-Òige agus an adhartas a thathar a’ dèanamh ann a bhith ga leasachadh is a’ toirt taic dha.
9. Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/14/16 le ceann-latha 27 Iuchar 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt tuilleadh fiosrachaidh mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1, “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd”. Tha seo ag ùrachadh Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail na Comhairle 2014/15 agus a’ toirt cunntas air gnìomh a bharrachd bho 1 Lùnastal 2015 gu Ògmhios 2016.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh agus na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 2012-16; agus
ii. obrachadh tar-bhuidhneach aontachadh, a’ gabhail a-steach a’ Chom-pàirteachais Dealbhaidh Coimhearsnachd, airson brosnachadh is taic a thoirt do chothroman gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh ann an àiteachan-obrach, dachaighean, sgoiltean agus coimhearsnachdan.
- Item 6 - Cùmhnant nas Cothromaiche airson Craoladh Gàidhlig Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail BBC ALBA Report, 297.38 KB
- Item 7 - Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016/17 – Iarrtasan Pròiseict a Fhuair Aonta bho Bhòrd na Gàidhlig Report, 210.54 KB
- Item 8 - A’ Ghàidhlig ann an Cleasan Spòrs Coimhearsnachd ann an Com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig, Iomain Cholm Chille agus Slàinte is Sunnd High Life na Gàidhealtachd Report, 193.66 KB
- Item 9 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 219.76 KB