Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 11 August 2016
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 11 Lùnastal 2016 aig 10.30m.
An làthair:
Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr S Fuller, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich, A’ Bh-uas C Stephen
A’ frithealadh na coinneimh:
A’ Bh-uas N Young, Manaidsear Cùraim & Ionnsachaidh na Sgìre an Iar, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr J Steven, Ceannard an Fhoghlaim, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig,
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C Moireasdan, Oifigear Leasachaidh Foghlaim Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:
An t-Àrd-Ollamh C Ó Giollagáin, Stiùiriche Soillse
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr S Farlow agus Mhgr I Ghòrdain.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Cha robh foillseachaidhean com-pàirt ann.
3. Cumhachdan Fosaidh
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR nach deach na Cumhachdan Fosaidh a chaidh a bhuileachadh leis a’ Chomhairle aig a coinneimh den 29 Ògmhios 2016 a chur an gnìomh a thaobh gnothachas Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.
4. Naidheachdan Matha
Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chur fa chomhair nam Ball, is iad a’ buntainn ri agus a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Ann a bhith a’ cur meal-a-naidheachd air na bha na lùib, chaidh aire cuideachd a thoirt dhan obair chruaidh is dhan dealas acasan a bha a’ toirt taic is cuideachadh do na pròiseactan seo agus nach robh a’ faighinn aithne gu leòr. Bha e cudromach gun robhar a’ brosnachadh nan soirbheasan seo is gan toirt gu aire luchd-èisteachd nas farsainge.
Às dèidh sin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.
5. Taisbeanadh – Soillse
Thug an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh Rannsachaidh agus Stiùiriche Soillse, seachad taisbeanadh mu bhith a’ toirt ùghdarras do chom-pàirteachadh iomairtean coimhearsnachd gus taic a thoirt do leasachadh na Gàidhlig. ’S e co-obrachadh rannsachaidh eadar Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean/Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu a th’ ann an Soillse agus chaidh a stèidheachadh gus coimeas rannsachaidh nas làidire a thoirt seachad airson fios a chur ri poileasaidh gus cànan is cultar na Gàidhlig a ghleidheadh is ath-bheothachadh.
San taisbeanadh aige, thuirt an t-Àrd-Ollamh Ó Giollagáin gun robh e cudromach na chaidh a choileanadh gu ruige seo aithneachadh, ach gun robh dùbhlain air thoiseach ris am feumar aghaidh a chur ma bha a’ Ghàidhlig a’ dol a dh’fhaighinn taic is brosnachadh san dachaigh agus sa choimhearsnachd. Bhathar a’ cur fàilte air na buannachdan a thàinig ri linn Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 ach bha an reachdas seo cuideachd cuingealaichte, mar eisimpleir a bhith ag amas air solar gu dearmad com-pàirteachadh sòisealta, agus crìonadh lìonra na coimhearsnachd Gàidhlig a bh’ ann mar-thà air sgàth cuideam air modailean le prìomh amas air luchd-ionnsachaidh. Mhìnich e grunn iomairtean ro-innleachdail gus aghaidh a chur ris a seo, ag innse gum biodh e doirbh do lìonraidhean luchd-ionnsachaidh leasachadh mura biodh coimhearsnachdan làidir ann de luchd-labhairt Gàidhlig. Thug e aithne do dhreuchd nam buidhnean oifigeil ann a bhith a’ goireasachadh ionnsachadh is com-pàirteachas ach, an-ceartuair, bha an dòigh-obrach seo air a stiùireadh le buidhnean an àite a bhith air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus bhiodh seòrsa de Sheanadh feumail gu ìre gus coimhearsnachd na Gàidhlig a ghleidheadh.
Sa cho-dhùnadh, bheachdaich e gun robh a’ Ghàidhlig air fàs ro sheòrsaichte. Bha cunnart ann gun deidheadh a’ Ghàidhlig à sealladh mar dhearbh-aithne shòisealta is choimhearsnachd agus bha eagal air gun tigeadh àm nuair nach biodh ann ach luchd-ionnsachaidh a’ bruidhinn na Gàidhlig seach lìonraidhean coimhearsnachd agus/no teaghlaich. Sheas e nach biodh creideas aig a’ Ghàidhlig mar mhion-chànan nan tachradh seo agus, mar thoradh, bhiodh e na bu dhuilghe a’ Ghàidhlig a theagasg is ionnsachadh mar dhàrna cànan gun iomradh air coimhearsnachd de luchd-labhairt fileanta.
Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-
- Bha a’ Ghàidhlig ann an Alba a’ faighinn taic mhath ach dh’fheumaiste barrachd a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach deidheadh a’ Ghàidhlig à sealladh;
- bha dà-chànanas ann an daoine òga a’ toirt ùghdarras dhaibh;
- bha na ro-mheasaidhean san taisbeanadh nan adhbhar dragh agus bha e cudromach dùbhlan a thogail an aghaidh na bhathar a’ dèanamh an-dràsta. Mar eisimpleir, chaidh beachdachadh gun deidheadh feum na b’ fheàrr a dhèanamh de ghoireasan, an àite a bhith ag eadar-theangachadh sgrìobhainnean oifigeil fada, is mòran dhiubh gun an leughadh, nan deidheadh aire a chur ri bhith a’ toirt taic do nithean sòisealta far am b’ urrainn mòran dhaoine an cànan a chleachdadh;
- dheidheadh a’ Ghàidhlig a thogail gu tric tro shuidheachaidhean sòisealta agus ùidhean pearsanta dhaoine m.e. ceòl;
- bha ginealaichean de luchd-labhairt na Gàidhlig air an call mar-thà agus bha e riatanach gun robhar a’ cur luach air a’ Ghàidhlig; agus
- bha e fìor chudromach gun deidheadh coimhearsnachdan a chumail suas is gun deidheadh ùghdarras a thoirt dhaibh gus dèiligeadh ris na dùbhlain seo.
Às dèidh taing a thoirt dhan Àrd-Ollamh Ó Giollagáin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
6. Cùmhnant nas Fheàrr airson BBC ALBA – Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC, Craoladh Gàidhlig na h-Alba
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/11/16 le ceann-latha 27 Iuchar 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, mun fhreagairt a chuir Comhairle na Gàidhealtachd a-steach gu Co-chomhairle Phoblach Riaghaltas na RA mu Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC, gu h-àraid an earrann a’ buntainn ri craoladh Gàidhlig.
San deasbaireachd, chaidh beachdachadh nach robh an ìre goireis a bha BBC Alba a’ faighinn ann an co-rèir ris an ìre chìsean cead telebhisein a bha air an trusadh ann an Alba agus, gu h-àraid, sa Ghàidhealtachd. A bharrachd, bha e na bhriseadh-dùil gur e an fhreagairt bho Chathraiche Urras a’ BhBC nach robh gnothach aige beachdachadh air atharrachaidhean sam bith ri ìrean maoineachaidh airson seirbheisean BBC agus chaidh iarraidh gun deidheadh leantainn air adhart a’ cur ìmpidh airson dèanamh cinnteach gun toireadh am BBC barrachd gealltanais do Chraoladh Gàidhlig. Bha athchuinge mun a seo sna meadhanan sòisealta agus bha seo air taic mhòr fhaighinn air-loidhne.
Às dèidh sin:-
i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann aonta a thoirt dhan fhreagairt, mar a thathar a’ mìneachadh ann an Leas-phàipear 1 den aithisg; agus
ii. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na freagairtean a fhuaireadh bho Chathraiche Urras a’ BhBC agus bhon Mhorair Hall, Àrd-Stiùiriche Urras a’ BhBC, mar a thathar a’ mìneachadh ann an Leas-phàipearan 2 agus 3 den aithisg.
7. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016/17 – Iarrtasan Pròiseact a Chaidh Aontachadh le Bòrd na Gàidhlig
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/12/16 le ceann-latha 26 Iuchar 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt geàrr-chunntas air na h-ochd iarrtasan do Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson na h-ùine maoineachaidh 2016-17 le Sgioba na Gàidhlig. B’ e 18 Giblean an ceann-latha dùnaidh airson iarrtasan airson bliadhna ionmhasail 2016-17 agus fhuair luchd-iarrtais fios mu na co-dhùnaidhean o BnaG air 4 Iuchar 2016. Bha seachd de na h-iarrtasan aig Comhairle na Gàidhealtachd soirbheachail.
Às dèidh taing a thoirt do na h-oifigearan airson an cuid obrach sna mìosan mu dheireadh ann a bhith a’ deasachadh nan iarrtasan airson beachdachadh orra, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. gun cumadh oifigearan còmhraidhean le BnaG gus na pròiseactan a bhuileachadh le taic bho mhaoineachadh GLAIF 2016/17; agus
ii. aithisg dheireannach mu ghnìomhachadh phròiseactan GLAIF 2016/17 a chur a-steach gu coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd.
8. A’ Ghàidhlig ann an Cleasan Spòrs Coimhearsnachd ann an Com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig, Iomain Cholm Chille agus Slàinte is Sunnd High Life na Gàidhealtachd
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/13/16 le ceann-latha 14 Iuchar 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios do Bhuill air dà chleas spòrs nàiseanta a bha ag amas gu sònraichte air cleachdadh is togail cànain cho math ri sgilean a bhathar a’ cleachdadh gus na cleasan spòrs a ghabhail os làimh.
Sa chòmhradh, thug Buill aithne do na bhathar a’ dèanamh agus chuir iad an cèill an taing airson na bha de dhaoine an lùib a bhith a’ brosnachadh is a’ lìbhrigeadh nan cleasan seo. Chuireadh fàilte gu sònraichte air soirbheas farpais Cuach na Cloinne 2016 a bha, ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, air 21 sgioba bho 12 sgoil a tharraing. Bha na farpaisean deireannach nàiseanta air an cumail sa Ghearasdan agus bha e na adhbhar misneachd a bhith a’ faicinn dhaoine òga a’ bruidhinn na Gàidhlig air agus far an raoin-chluich. Bhathar an dòchas gun deidheadh an ìre soirbheis seo a leasachadh cuideachd tro spòrs iomain.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan dà thachartas spòrs nàiseanta Gàidhlig a bha a’ gabhail àite sa Ghàidhealtachd, is iad:-
- farpais leantainneach Cuach na Cloinne; agus
- an t-adhartas a rinneadh ann a bhith a’ leasachadh is a’ toirt taic do Chupa Iomain na h-Òige.
9. Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/14/16 le ceann-latha 27 Iuchar 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt tuilleadh fiosrachaidh mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1, “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd”. Bha seo ag ùrachadh Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014/15 na Comhairle agus a’ mìneachadh ghnìomhan a bharrachd a rinneadh bho 1 Lùnastal 2015 – Ògmhios 2016.
Às dèidh geàrr-chunntas den aithisg, chaidh aire a thoirt do dh’ obair Sgioba na Gàidhlig ann a bhith a’ leasachadh foghlam Gàidhlig agus dheidheadh seo a leasachadh barrachd le fastadh Oifigear Foghlaim Gàidhlig ùr. A bharrachd, bha raon chlasaichean Gàidhlig Inbheach a’ gabhail àite agus chaidh iomradh sònraichte a dhèanamh air clasaichean stèidhichte sa choimhearsnachd ann an Inbhir Pheofharain, seach gun robh tòrr de na com-pàirtichean nam pàrantan de chloinn ann am Foghlam Gàidhlig. A thaobh seo, chaidh aire a thoirt dhan taic a bha luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a’ faighinn a thaobh leasachadh chlasaichean, agus às aonais seo cha deidheadh mòran de na clasaichean a chumail.
Chaidh beachdachadh cuideachd gun robh buidheann judo Gàidhlig air a riochdachadh aig Latha Fiosrachaidh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chaidh a chumail ann am Baile Dhubhthaich, sa Ghearran 2016, agus thabhainn Mgr C MacLeòid cuideachadh no comhairle sam bith a dh’fhaodadh e a thoirt seachad.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh agus na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh leantainn air adhart le obair tar-bhuidhneach, a’ gabhail a-steach a’ Chom-pàirteachais Dealbhaidh Coimhearsnachd, gus cothroman ionnsachaidh is cleachdaidh Gàidhlig a bhrosnachadh is a ghoireasachadh ann an àiteachan-obrach, dachannan, sgoiltean agus coimhearsnachdan.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 11.20 m.
- Item 6 - Cùmhnant nas Cothromaiche airson Craoladh Gàidhlig Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail BBC ALBA Report, 297.38 KB
- Item 7 - Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016/17 – Iarrtasan Pròiseict a Fhuair Aonta bho Bhòrd na Gàidhlig Report, 210.54 KB
- Item 8 - A’ Ghàidhlig ann an Cleasan Spòrs Coimhearsnachd ann an Com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig, Iomain Cholm Chille agus Slàinte is Sunnd High Life na Gàidhealtachd Report, 193.66 KB
- Item 9 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 219.76 KB