Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 10 November 2016
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 10 Samhain 2016 aig 10.30m.
An làthair:
A’ Bh-uas I Chaimbeul (ball-ionaid), Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr S Fuller, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, A’ Bh-uas M NicPheadrais, A’ Bh-uas C Stephen
A’ frithealadh na coinneimh:
A’ Bh-uas N Young, Manaidsear Cùraim & Ionnsachaidh na Sgìre an Iar, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr J Steven, Ceannard an Fhoghlaim, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig,
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C Moireasdan, Oifigear Leasachaidh Foghlaim Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:
Mgr D MacCoinnich, Leasachadh Sgilean na h-Alba
Mgr D U MacGilleMhoire, Stòrlann
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr F Parr agus an Dr A Nic na Ceàrdaich.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na foillseachaidhean com-pàirt a leanas:
Cuspairean 6 agus 7 – Mgr S Farlow (neo-ionmhasail)
4. Naidheachdan Matha
Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chur fa chomhair nam Ball, is iad a’ buntainn ri agus a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Ann a bhith a’ cur meal-a-naidheachd air na bha an lùib Mòd nan Eilean Siar, chaidh iomradh sònraichte a thoirt air Còisir Inbhir Pheofharain agus Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain agus Ceitidh Nic a’ Ghobhainn às a’ Chaol. Bha Buill an dòchas gun deidheadh cuireadh a thoirt do sheinneadairean òga Gàidhlig seinn aig coinneamh den Bhuidhinn no den Chomhairle san àm ri teachd.
Às dèidh sin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.
3. Taisbeanadh – Leasachadh Sgilean na h-Alba
Thug Mgr Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh airson Leasachadh Sgilean na h-Alba, seachad taisbeanadh mun dàrna tionndadh de Phlana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba, a chaidh a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig san Dàmhair 2016, agus na gnìomhan a buntainn ri buileachadh Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba.
San taisbeanadh aige, thug Mgr MacCoinnich seachad eisimpleirean de na h-amasan àrda a bha sa Phlana, far an robh prìomh raointean leasachaidh taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd. Nam measg bha solarachadh ghoireasan Gàidhlig do thidsearan, fiosrachadh a thaobh chothroman obrach agus dreuchdan Gàidhlig, fiosrachadh is taic do ghnothachasan gus luchd-obrach ùra a thrèanadh tro mheadhan na Gàidhlig gu inbhean a bhathar ag aithneachadh tro ghnìomhachas, agus obrachadh com-pàirteach le Ùghdarrasan Ionadail gus trèanadh a bharrachd tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh agus ro-innleachd fiosrachaidh airson na margaidh obrach a bha ag aithneachadh luach sgilean Gàidhlig. A bharrachd, chaidh cur an cuimhne nam Ball gun robh Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd air tachartasan Dreuchdail Gàidhlig Siuthad! a chur air dòigh. A’ leantainn air adhart bhon t-soirbheachas aige ann an Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach, bha e a-nis a’ ruith gu soirbheachail ann an àiteachan eile ann an Alba.
Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-
- chaidh fàilte a chur air a’ chom-pàirteachas obrach shoirbheachail eadar a’ Chomhairle agus Leasachadh Sgilean na h-Alba;
- bhathar a’ brosnachadh an dà chuid preantasachdan ùr-nodha agus bunaiteach agus chaidh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad mun deidhinn. Na eisimpleir de phreantasachd foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bha taobh a-staigh sgoil-àraich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
- chaidh fiosrachadh a shireadh mu chothroman airson ceangalan nas farsainge, mar eisimpleir leis na coimhearsnachdan croitearachd is ionaltraidh, agus le Comhairle nan Eilean Siar agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean;
- seach nach robh ach 6 luchd-obrach aig Leasachadh Sgilean na h-Alba a bha fileanta is misneachail a’ cleachdadh na Gàidhlig san àite-obrach, bhathar a’ sireadh taic ìre Stiùiriche gus a’ Ghàidhlig a bhith na sgil ‘riatanach’ airson dhreuchdan sònraichte;
- bha e cudromach gun deidheadh an raon farsaing de dhreuchdan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a shealltainn do sgoilearan; agus
- chaidh togail air buannachdan dà-chànanais agus chaidh soilleireachadh nach robh preantasachdan ùr-nodha tro mheadhan na Gàidhlig air an cuingealachadh ri daoine òga a bha air a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Às dèidh taing a thoirt do Mhgr MacCoinnich, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
4. Taisbeanadh – Stòrlann
Thug Mgr Dòmhnall Uilleam Moireasdan, Àrd-Oifigear an Stòrlainn, companaidh earranta a bha a’ co-òrdanachadh dèanamh is sgaoileadh ghoireasan curraicealaim airson foghlam Gàidhlig, seachad taisbeanadh a’ mìneachadh obair an Stòrlainn agus an àireamh ghoireasan a bha ri fhaotainn.
Ann an taisbeanadh mionaideach, mhìnich Mgr Moireasdan eachdraidh an Stòrlainn. Bha 15 neach-obrach ann, agus bha Stòrlann a’ solarachadh grunn sheirbheisean, nam measg leasachadh ghoireasan, eadar-theangachadh, sgrìobhadh chùrsaichean agus dealbhadh lìn. Bha an raointean obrach a’ còmhdach bhuidhnean bho ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil, cho math ri pàrantan, luchd-cùraim, Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean nàiseanta. Bha Stòrlann air raoin ghoireasan a leasachadh airson an cleachdadh ann am Foghlam agus Ionnsachadh tro Mheadhan na Gàidhlig agus do phàrantan aig nach robh Gàidhlig agus a bha a’ feumachdainn taic gus an cuid chloinne a chuideachadh le obair-dachaigh. A thaobh seo, bhathar air buannachdan an lùib a bhith a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta aithneachadh agus tharraing e aire chun an t-seirbheis air-loidhne a bha an Stòrlann a’ ruith, air obrachadh le dithis a b’ àbhaist a bhith a’ teagasg, do phàrantan. Ach, bha dùbhlain an lùib teicneòlais agus bha cuid de sgìrean iomallach a’ strì le leud-banna agus astaran bann-leathainn agus bha mòran fhaclan Gàidhlig air am bacadh le firewall agus Solaraichean Seirbheis.
Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-
- chaidh fàilte a chur air obair an Stòrlainn, agus air an àireimh mhòir leabhraichean is stòrasan Gàidhlig eile a bha air an luchdachadh a-nuas gu ruige seo;
- bha e cudromach gun robhar a’ toirt aire do leasachaidhean Litearrais Thùsail ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig i.e. a’ dèanamh cinnteach gun robh clann a’ faighinn stuthan ionnsachaidh a bha freagarrach dha na h-ìrean leasachaidh aca. Chaidh dearbhadh gun robhar ag obair gu dlùth le luchd-cleachdaidh foghlaim a thaobh seo agus chaidh fiosrachadh a thoirt seachad mu theagasg fuaimean Gàidhlig agus mar a bha seo a’ ceangal ri stuthan leughaidh, cho math ri iomairtean eile leithid Book Bug;
- chaidh cuideam a chur air cho cudromach ’s a bha togail cànain aig aois ro-sgoile, le eisimpleir CDan gan toirt seachad do chloinn sgoil-àraich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus an eòlas co-cheangailte ris a’ chànan a leudachadh;
- dh’iarr agus fhuair an Cathraiche fiosrachadh mu làthaireachd aig Co-labhairt Thràth Bhliadhnaichean An Alltain san t-Sultain 2016 agus adhartas le e-sgoil, an sgoil bhrìgheil Ghàidhlig airson Alba. Bha e cudromach gun robhar a’ gabhail aire dhan Ghàidhlig nuair a bha an leabhar chrome air a sgaoileadh a-mach; agus
- b’ e leasachadh airson an ama ri teachd a bhith a’ lìbhrigeadh taghadh nas farsainge de chùrsaichean aig ìre na h-àrd-sgoile agus ann an àiteachan-obrach.
Às dèidh taing a thoirt do Mhgr MacCoinnich, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 – “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach" agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” – Aithisg Bhuileachaidh
Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo seach gun robh ball teaghlaich dlùth a’ gabhail com-pàirt ann an deasbad sna h-Eileanan Siar, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/16/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach”.
Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-
- às leth na Buidhne, thug an Cathraiche taing do Sgioba na Gàidhlig airson an cuid obrach air an dà Chuspair seo. Bhiodh a’ Chomhairle a dh’aithghearr a’ coimhead ris an treas Plana Gàidhlig aice agus bha e cudromach gun deidheadh togail air an obair chudromach a chaidh a dhèanamh gu ruige seo;
- chaidh togail gun robh an Sgioba Ghàidhlig air a fo-ghoireasachadh agus gun robh seo a’ cur bacadh air barrachd aithisgean a bhith aig a’ Bhuidhinn airson beachdachadh orra;
- bha dleastanas aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig airson tè de na clachan-oisne as motha ann am Prògram na Comhairle agus bha e cudromach gun deidheadh seo aithneachadh ann an Ath-dhealbhadh na Comhairle. A thaobh seo, a’ gluasad air adhart, chaidh moladh gum beachdaicheadh Buill air iùl ro-innleachdach airson na Gàidhlig;
- dh’fheumadh na buannachdan an lùib na Gàidhlig a bhith air an soilleireachadh, gu h-àraid a thaobh dà-chànanais. Chaidh cur an cuimhne nam Ball gun deach taisbeanadh a dhèanamh roimhe do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig leis an Àrd-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann far an deach cuideam a chur air buannachdan dà-chànanais;
- chaidh ceist a thogail mu carson nach robh Seaghan Gàidhlig sam bith, a rèir coltais, co-cheangailte ris na h-aithisgean. Cuideachd, chaidh togail gum faodadh Seaghan Dùthchail a bhith ann nan coileanadh a’ Chomhairle a bhith a’ toirt a-steach Gàidhlig do dh’àiteachan-obrach ann an Cataibh;
- chaidh ceist a thogail a thaobh gun deach cion ceangail le co-aoisean a thoirt seachad mar adhbhar gus sgoiltean beaga ann an Cataibh a dhùnadh. A rèir coltais, bha sgaradh eadar amasan Seirbheis an Fhoghlaim agus a’ Ghàidhlig agus bha còir aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aghaidh a chur ris a seo. A thaobh seo, chaidh aire a tharraing gu cion foghlaim Gàidhlig ann na Cataibh; agus
- chaidh fiosrachadh iarraidh mu ciamar a dh’fhaodadh an t-airgead, a bha air im-dhìon le Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig, a bhith air a chleachdadh. Bha e riatanach gun robhar a’ dèanamh feum cho mòr ’s a b’ urrainnear den airgead agus gun deidheadh a chleachdadh gus buidhnean Gàidhlig leithid Stòrlann a leasachadh ann a bhith a’ coileanadh an cuid amasan. A thaobh seo, ma dh’fhaodte gum feumadh Ministear Caibineit a bhith an làthair aig coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do bhuileachadh Cuspairean an Leasachaidh Eaconamaich agus an Àite-obrach ann am Plana na Gàidhlig;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh Dreuchdan agus Cothroman Obrach Gàidhlig a mhargaideachd le Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig;
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh coinneamh ro-innleachd a chumail tràth ann an 2017 gus beachdachadh air mar a dh’fhaodadh a’ Ghàidhlig a bhith air a dìon fhad ’s a tha a’ Chomhairle a’ gluasad air adhart.
7. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 agus Mòdan san Àm ri Teachd ann an Sgìre na Gàidhealtachd
Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo seach gun robh ball teaghlaich dlùth ann an Còisir a’ Chinn an Iar-Thuath, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/17/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu leasachaidhean a’ buntainn ri (a) am Mòd Nàiseanta Rìoghail a ghabh àite sna h-Eileanan Siar bho 14-22 Dàmhair 2016; (b) Mòd Loch Abar 2017; agus (c) Mòd Inbhir Nis 2020.
A’ cur fàilte air an aithisg, mheal an Cathraiche naidheachd luchd-eagrachaidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail sna h-Eileanan Siar agus, a’ coimhead air adhart, bhrosnaich e Buill gus taic a thoirt do Mhòd Loch Abar 2017 gus dèanamh cinnteach gun robh e soirbheachail cuideachd. Bha buannachdan eaconamach susbainteach a’ Mhòid air an deagh aithneachadh agus bha iad cuideachd a’ toirt cothrom do sgìrean a bhith air am margaidheachd ann an dòigh mhath air feadh an t-saoghail.
A’ togail air soirbheachas nan còisirean beaga ionadail aig a’ Mhòd mu dheireadh, chaidh foighneachd co-dhiù a bha Mòdan ‘aotrom’ sam bith ann a bhiodh nan toiseach tòiseachaidh gus còisirean beaga a bhrosnachadh gus com-pàirt a ghabhail. A thaobh seo, mhol Buill eile gun robh na Mòdan ionadail is roinneil a’ tabhann a’ chothruim seo, agus thugadh seachad Mòd Ullapuil mar eisimpleir sònraichte.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan chunntas às ùr a thaobh Mòd nan Eilean Siar;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh Buidheann Ceangail a’ Mhòid a chur air dòigh ro Mhòd Loch Abar agus gun deidheadh taic a thoirt do Chomataidh Eagrachaidh Ionadail Inbhir Nis mar a bha sin a dhìth; agus
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann ceangal dlùth a chumail suas leis a’ Chomunn Ghàidhealach an dà chuid gu h-ionadail is gu nàiseanta.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.20f.
- Cuspair 6 - Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig anns an Àite-obrach agus ann an Leasachadh Eaconamach" agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” – Aithisg Bhuileachaidh Report, 134.73 KB
- Cuspair 7 - Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 agus Mòdan san Àm Ri Teachd ann an Sgìre na Gàidhealtachd Report, 33.28 KB