Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Monday, 3 August 2020
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Chomataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diluain 3 Lùnastal 2020 aig 2.00m, no às dèidh coinneamh ath-shìnte Chomhairle na Gàidhealtachd, ge brith dè as anmoiche.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra
1. Cur an Dreuchd Cathraiche agus Iar-Chathraiche
2. Leisgeulan
3. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
4. Dreuchd agus Raon-ùghdarrais – Comataidh na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/1/20 le ceann-latha 14 Iuchar 2020 ga cuairteachadh leis a’ Phrìomh Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh na leanas aontachadh:-
i. na riatanasan aithris coitcheann a thathar a’ mìneachadh ann an Earrainn 4 dhen aithisg; agus
ii. an raon-ùghdarrais sònraichte mar a thathar a’ mìneachadh ann an Earrainn 5 dhen aithisg.
5. Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 3 – 2018–23
Tha Aithisg Àir. G/2/20 le ceann-latha 17 Iuchar 2020 ga cuairteachadh leis a’ Phrìomh Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh an aithisg aontachadh.
- Item 4 - Dreuchd agus Raon-ùghdarrais Chomataidh na Gàidhlig Report, 158.67 KB
- Item 5 - Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 3 – 2018–23 Report, 209.43 KB