Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Monday, 3 August 2020

Minutes: Read the Minutes

Comhairle na Gàidhealtachd

Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Gàidhlig a chumadh air astar air Diluain 3 Lùnastal 2020 aig 10.30m.


An làthair:

Mgr R Bremner
A’ Bh-uas I Chaimbeul
Mgr I Gòrdan
Mgr A MacEanraig
Mgr A MacAonghais
Mgr D MacAoidh
Mgr G MacCoinnich 
Mgr A MacFhionghuin
A’ Bh-uas A NicIlleathain (neach-ionaid)
Mgr C Rothach
A’ Bh-uas M NicPheadrais
Mgr D Rixson
A’ Bh-uas E Roddick

Neo-Bhuill an làthair:

A’ Bh-uas M NicDhaibhidh
Mgr I MacFhionnlaigh 
Mgr K Rosie

A’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas D Manson, Àrd-Oifigear
A’ Bh-uas K Lackie, Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharra fo ùghdarras na Comataidh.

Gnothach

Bha riochdaire Ceannard Riaghlachais Chorporra anns a’ chathair aig toiseach na coinneimh.

A rèir Gnàth-riaghailt 9, DH’AONTAICH a’ Chomataidh gun deigheadh Cuspairean 2 agus 3 a ghabhail an toiseach.

2. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr G Adam agus Mhgr A Mhic na Ceàrdaich.

3. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thug a’ Chomataidh FA-NEAR do na foillseachaidhean com-pàirt a leanas:-

Cuspair 5 – Mgr C Rothach (ionmhasail agus neo-ionmhasail).

Dh’fhoillsich Mgr R Bremner com-pàirt neo-ionmhasail ann an cuspair sam bith a   dh’fhaodadh buntainn ris a’ cheangal aige ris na buidhnean a leanas: Mòd Ionadail Ghallaibh agus Chataibh, Meur Ghallaibh a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Còisir Ghàidhlig na Mealbhaich, Atomaig Piseag (Còisir Ghàidhlig) agus Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd Ghallaibh 2010.
 

1. Cur Cathraiche agus Iar-Chathraiche an Dreuchd

Mhol Mgr A MacFhionghuin Mgr C Rothach mar Chathraiche, agus chuir Mgr A MacEanraig taic ris a’ mholadh. Seach nach deach ainmean sam bith eile a chur air adhart, chaidh Mgr C Rothach a thaghadh gun tagraiche eile na aghaidh agus ghabh e an dreuchd.

Dh’iarr an Cathraiche an uair sin ainmean airson dreuchd an Iar-Chathraiche. Mhol Mgr C Rothach Mgr A MacFhionghuin mar Iar-Chathraiche, agus chuir Mgr A MacEanraig taic ris a’ mholadh. A-rithist, seach nach deach ainmean sam bith eile a chur air adhart, chaidh Mgr A MacFhionghuin a thaghadh gun tagraiche eile na aghaidh.

Aig an ìre seo, rinn an Cathraiche, agus Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, moladh air a’ Bh-uas Norma Young, Manaidsear Sgìreil Cùraim agus Ionnsachaidh, a bha air a dreuchd a leigeil dhith o chionn ghoirid às dèidh 40 bliadhna ag obair airson Comhairle na Gàidhealtachd. Thugadh iomradh air a ceannardais agus na chuir i ri Foghlam tron Ghàidhlig, an dà chuid sa Ghàidhealtachd agus gu nàiseanta. Bha a’ Bh-uas Young air a dreuchd a thòiseachadh mar thidsear clasa le Comhairle na Gàidhealtachd ach thar nam bliadhnaichean bha i air obrachadh ann an diofar dhreuchdan agus bha a dealas is a dìcheall a thaobh na Gàidhlig airidh air moladh. Bha i air cuideachadh gus am Mòd Nàiseanta a thoirt dhan Ghàidhealtachd tro a dòigh-obrach is a deòin.

Ghuidh na Buill gach soirbheachas dhi san àm ri teachd.
Chuir Buill meal an naidheachd air a’ Chathraiche agus air an Iar-Chathraiche a thaobh an dreuchdan agus bha iad an dòchas gun cuireadh na h-ìomhaighean aca Cànan agus Cultar na Gàidhlig air adhart.

4. Dreuchd agus Raon-ùghdarrais – Comataidh na Gàidhlig

Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/1/20 le ceann-latha 14 Iuchar 2020 leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas. Chaidh innse do Bhuill gun robh an Sgeama Tiomnaidh, a dh’aontaicheadh leis a’ Chomhairle san Dùbhlachd 2019, air raointean-ùghdarrais sònraichte nan comataidhean ro-innleachdail ùra a shònrachadh. Bha raon-ùghdarrais Comataidh na Gàidhlig fhathast ri chur a-steach dhan Sgeama gus cothrom a thoirt do bhuill ùra na Comataidh beachdachadh air a seo agus aontachadh. Mar thoradh air a seo, chaidh na dleastanasan coitcheann agus sònraichte a leanas a mholadh airson deasbaireachd agus aonta.

Coitcheann

• Brosnachadh agus taic a thoirt do chànan, dualchas agus cultar dùthchasach na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd agus sùil a chumail air buileachadh Plana Gàidhlig na Comhairle.


Sònraichte

• Buileachadh Plana Gàidhlig na Comhairle a sgrùdadh agus adhartachadh, a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh a thaobh foghlam Gàidhlig.
• Ceangal a chumail suas le Bòrd na Gàidhlig a thaobh leasachadh ro-innleachdail na Gàidhlig.
• Obrachadh le buidhnean-leasachaidh Gàidhlig ann a bhith ag adhartachadh, a’ leasachadh agus a’ cumail suas cànan, dualchas agus cultar na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd.
• Obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba a thaobh reachdas a’ buntainn ri cànan na Gàidhlig.
• Sùil a chumail air buaidhean reachdais a thaobh cànan na Gàidhlig agus comhairle a thoirt dhan Chomhairle mun bhuaidh aige thar na Gàidhealtachd.
• Buidseat a sgrùdadh a thaobh maoineachadh, tabhartasan agus caiteachas a’ buntainn gu sònraichte ris a’ Ghàidhlig.

Riaghlachas

• Thèid geàrr-chunntas na Comataidh aithris dhan Làn Chomhairle.

Rè a’ chòmhraidh, rinn na Buill na puingean a leanas:-

• B’ e briseadh-dùil a bh’ ann gun deach Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chall ach le bhith a’ cruthachadh na Comataidh seo dheigheadh a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Comhairle na Gàidhealtachd;
• Chaidh sreath de sheiseanan conaltraidh le luchd-ùidh bhon taobh a-staigh agus bhon taobh a-muigh a mholadh gus prìomhachasan airson na Comataidh a dheasbaireachd agus aontachadh, agus chaidh fiosrachadh a shireadh a thaobh cò an luchd-ùidh a bhiodh iomchaidh;
• Bha e cudromach gun deigheadh aire cheart a thoirt do cho cudromach ’s a bha e a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart gu suidheachadh nas làidire anns a’ Chomhairle ach bhiodh buaidh aig a seo air goireasan;
• Bhiodh buaidh mhath air a’ choimhearsnachd nan deigheadh a’ Ghàidhlig a chur aig a cridhe agus bha dreuchd aig Buill ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ dèanamh na Gàidhlig follaiseach ann an àiteachan leithid seo;
• Bha liosta de raointean air am faodadh a’ Chomataidh beachdachadh san am ri teachd air am moladh san aithisg agus math dh’fhaodte gum biodh dùbhlain eile nan lùib; 
• dh’fheumadh a’ Chomataidh aire a chumail air a bhith ag obair le buidhnean-leasachaidh Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus a’ cumail suas cànan, dualchas agus cultar na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd agus bhiodh feum air conaltradh na b’ fheàrr gus seo a dhèanamh;
• Bha e cudromach dàimh agus co-obrachadh a neartachadh le Bòrd na Gàidhlig gus cànan na Gàidhlig a bhrosnachadh;
• Bhiodh Cunntas-sluaigh 2021 a’ stiùireadh fòcas agus maoineachadh na Gàidhlig a’ dol air adhart, gu h-àraid a thaobh Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba, agus bha e cudromach obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail eile, gu h-àraid Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar;
• Math dh’fhaodte gum biodh e riatanach a thaobh obair na Comataidh gun deigheadh Buidhnean-obrach a chur air bhonn agus bheireadh com-pàirteachas Bhall Thaghte eile neartachadh air ìomhaigh agus dreuchd na Comataidh;
• Bha Comhairle na Gàidhealtachd a’ faighinn thabhartasan sònraichte bho Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ lìbhrigeadh Gàidhlig agus bha Sgioba na Gàidhlig airidh air moladh airson an oidhirpean tobraichean maoineachaidh a thrusadh a-steach. Bha e cudromach togail air a seo;
• Thugadh iomradh air an t-sàr-obair a bhathar a’ dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus bha cothrom aig Buill seo fhaicinn dhaibh fhèin; agus
• Bha Buill air am brosnachadh gus a dhol an lùib chlasaichean Gàidhlig.

DH’AONTAICH a’ Chomataidh:-

i. na riatanasan aithris coitcheann a chaidh a mhìneachadh ann an Earrainn 4 dhen aithisg; agus
ii. an raon-ùghdarrais sònraichte mar a mhìnicheadh gu h-àrd.

5. Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 3 – 2018–23 

Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/2/20 le ceann-latha 17 Iuchar 2020 leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas. Chuir Ceannard Eadar-amail an Fhoghlaim ris a seo le tar-sealladh air na bha air a bhith a’ gabhail àite ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) bho thoiseach Covid-19, mar a bhathar an dùil tilleadh gu sgoiltean agus na planaichean gus an àireamh luchd-labhairt Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd àrdachadh.

Sa chòmhradh, thog na Buill na puingean a leanas:-

• Bha Buill air an Clàr-gnothaich agus na Pàipearan fhaotainn an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig agus bhathar a’ cur fàilte air a seo;
• Bha Sgioba na Gàidhlig beag ach bha i a’ dèanamh obair mhòr. A’ coimhead ris an àm ri teachd, bha e cudromach measadh a dhèanamh air a structair, fios fhaighinn air dè dìreach a bha an Sgioba a’ dèanamh agus dè a bha comasach a lìbhrigeadh. Bhathar a’ dèanamh seo gus an Sgioba a neartachadh agus a toirt an lùib gach raon dhen Chomhairle. Bha seo gu h-àraid cudromach às dèidh dhan Bh-uas Young a dreuchd a leigeil dhith agus feum, math dh’fhaodte, air Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig;
• Mar fhreagairt do cheist, dhearbh an t-Àrd-Oifigear gum biodh dleastanas iomlan airson Comataidh na Gàidhlig aig an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas;
• Bha a’ bhuaidh air goireasan a’ buntainn chan ann a-mhàin ris a’ mhaoineachadh a dh’fhaodadh tighinn a-steach chun na Comhairle ach cuideachd ris an ìre maoineachaidh a bha Comhairle na Gàidhealtachd fhèin deònach a shònrachadh; 
• Bha Buill na Comataidh Gàidhlig aig nach robh com-pàirt roimhe ann am Buidheann Buileachaidh Ro-innleachd na Gàidhlig no Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig air am brosnachadh gus Plana na Gàidhlig 3 a leughadh;
• Bha lìbhrigeadh chuspairean Plana na Gàidhlig 3 fhathast na dhùbhlan. Mar eisimpleir, bha feum air cunbhalachd is leantalachd ann an lìbhrigeadh FtG. An-ceartuair, dh’fhaodadh pàrantan an cuid chloinne a chur gu sgoiltean-àraich Gàidhlig agus bun-sgoiltean Gàidhlig ach bha duilgheadasan an lùib a bhith a’ solarachadh foghlam àrd-sgoile tron Ghàidhlig air sgàth cion thidsearan. Bha seo na bhriseadh-dùil leantainneach do Bhuill gu h-àraid agus cothroman FtG an lùib foghlam aig an treas ìre agus dreuchdan a bha a’ cleachdadh na Gàidhlig. Bhiodh buaidh air goireasan dhan Chomhairle gus aghaidh a chur ris a seo ach, san eadar-àm, bha e cudromach putadh airson goireasan a bharrachd a bhith air an stiùireadh gu sònraichte air a seo;
• Bha feum air co-obrachadh na b’ fheàrr le buidhnean eile gus na sia cuspairean ann am Plana na Gàidhlig 3 a lìbhrigeadh, cuide ri cainneachadh nas soilleire mu na dòighean san robh a’ Chomhairle gan lìbhrigeadh;
• Do phàrantan le clann ann am FtG bha e cudromach gun robh, co-dhiù, mothachadh aca mun chànan. Bha dreuchd chudromach aig telebhisean Gàidhlig ann a bhith ag oideachadh luchd-ionnsachaidh aig gach ìre agus bhathar an dòchas gum biodh cothroman ann do Bhuill agus do luchd-obrach an cànan ionnsachadh. Bha clasaichean Ulpan air a bhith èifeachdach roimhe agus b’ e briseadh-dùil a bh’ ann nach robh iad ann tuilleadh. Ach, bha dian-chùrsaichean fad-seachdain aig SMO air a bhith feumail cuideachd. Math dh’fhaodte gum faodadh iad a bhith air an lìbhrigeadh tro MS Teams;
• Bha mòran phròiseactan matha a’ dol air adhart ach math dh’fhaodte nach robh Buill mothachail mun deidhinn. Chaidh aire a tharraing gu sònraichte gu sreath de bhidiothan ball-coise a rinneadh le Iomain Cholm Chille, le taic bho Sgioba na Gàidhlig, a’ toirt seachad goireasan cànain Gàidhlig do sgoilearan ann am FtG agus do sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bha pròiseactan a leithid seo a’ toirt iomain agus ball-coise gu cànan beò is beothail agus bu chòir seo a bhrosnachadh. Tro bhith ag obair le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar, bhiodh iomairtean a leithid seo a’ toirt buannachd nas motha buileach do bharrachd dhaoine; agus
• Bha mòran gnìomhachd chom-pàirteach a’ gabhail àite ann an raointean a leithid foghlam, na h-ealain agus spòrs, agus bu chòir seo a mholadh.

DH’AONTAICH a’ Chomataidh:-

i. an aithisg; agus
ii. gun deigheadh cunntas às ùr a thoirt do Bhuill na Comataidh le fiosrachadh mu structar, dreuchdan agus raointean-ùghdarrais Sgioba na Gàidhlig.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 3.35f.