Còisir Gàidhlig Ùr Òigridh na Gàidhealtachd
Tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte gu bheilear a-nis a’ sireadh bhall dhan t-7mh Buidheann Ciùil Roinneil.
Bidh Còisir Gàidhlig Ùr Òigridh na Gàidhealtachd (CGOG) a’ cumail dheuchainnean air an 10mh dhen Fhaoilleach 2009 agus cuirear fàilte air tagraidhean bho sgoilearan ann an gin sam bith de dh’àrd-sgoiltean na Comhairle.
Bidh a’ chiad ullachadh aig CGOG air an t-16mh is air an t-17mh dhen Fhaoilleach. Bidh seo a’ cleachdadh an aon mhìosachan ri na buidhnean a th’ ann mar-thà.
Thuirt Norman Bolton, Oifigear Leasachaidh a’ Chiùil aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi an dòchas gum bi pailt uiread de dh’ùidh sa bhuidheann seo ’s a tha sna buidhnean eile. Tha mi air a bhith a’ feitheamh gus an cluinninn mu thagraidhean airgid a leigeadh leinn tòiseachadh air a’ chòisir. Sin as coireach gum bi a’ chiad ullachadh ann cho luath.”
Thathar an dòchas gun tàlaidh an còisir mu dheich duine fichead sa chiad dol a-mach.
“Tha buannachdan ciùil is sòisealta ann a bhith an lùib gin dhe na Buidhnean Ciùil Roinneil,” thuirt Norman. “Le bhith a’ cur ùine seachad còmhla ri co-aoisean leis an aon ùidh agus a’ faighinn ionnsachadh ann an ceòl, tha sgoilearan, ’s dòcha aig nach robh cothrom gu h-ionadail, a’ faighinn brosnachadh is misneachd. Tha mi air leth toilichte gun do dh’aontaich Eilidh NicCoinnich (Barker) an còisir a stiùireadh, agus bidh e math a bhith ag obair còmhla rithe.”
Tha am maoineachadh a’ tighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus Caraidean Ceòl Gàidhealach.
Gheibhear pacan tagraidh bho àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd, no bho Angeline Walker air 01349 868271. Feumar foirmean a thilleadh ron 19mh dhen Dùbhlachd 2008.