Iomairt Sgrìobhaidh Ùr Gàidhlig Na Gàidhealtachd

Read This In English

’S e Sgrìobhadh san Sgìre ainm iomairt sgrìobhaidh ùr Gàidhlig sa Ghàidhealtachd. Air sgàth na h-iomairt bidh ùghdaran is sgrìobhadairean stèidhte a’ tadhal air sgoiltean agus ag obair còmhla ri na sgoilearan.  Gabhaidh na sgrìobhadairean pàirt ann an cùisean ealain a bhios stèidhte sa choimhearsnachd, agus bidh an sgeama cuideachd a’ brosnachadh leabhraichean Gàidhlig tro reic is margaideachd.
 
Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealatachd, an Comhairliche Hamish Friseal: “Tha mi toilichte gu bheil a’ Chomhairle agus Comhairle nan Leabhraichean a’ co-obrachadh air leasachadh ùr-nodha
co-cheangailte ri sgrìobhadh Gàidhlig. Bidh sgrìobadairean is ùghdaran ag obair còmhla ri òigridh sna sgoiltean agus bidh iad an sàs ann an cùisean air feadh na Gàidhealtachd. Bidh Sgrìobhadh san Sgìre cuideachd an lùib iomairtean gus reic leabhraichean Gàidhlig a bhrosnachadh agus togail a thoirt do dh’inbhe leabhraichean airson gach aois. Tha Plana Gàidhlig na Comhairle ag ràdh gun amais an t-ùghdarras air taic is leasachadh sgrìobhadh cruthachail Gàidhlig sna sgoiltean agus sa choimhearsnachd.” 

Chaidh Sgrìobhadh san Sgìre a leasachadh tro chaidreachas eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Leabhraichean le taic maoineachaidh a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh am pròiseact a leasachadh le Morag Anna NicLeòid, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd agus John Storey, a tha na Oifigear Phròiseactan aig Comhairle nan Leabhraichean. Chunnaic iad le chèile cho cudromach ’s a tha litreachas aig ìre nàiseanta is ìre ionadail.

Thuirt John Storey: "Feumaidh sinn taic airson barrachd a dhèanamh do sgrìobhadairean Gàidhlig agus airson leughadh is leabhraichean Gàidhlig a bhrosnachadh nar sgìrean. Tha sinn an dòchas gum misnich eisimpleir Chomhairle na Gàidhealtachd ùghdarrasan ionadail eile, agus chuireamaid fàilte air cothrom obrachadh air iomairtean eile mar seo ann an àitichean eile.”

Gus an iomairt a stèidheachadh, chaidh Tia Thomson à Inbhir Narann fhastadh pàirt-ùine na Co-òrdanaiche Sgrìobhadh san Sgìre. Mar phàirt dhen dreuchd aice, bidh i a’ cur air dòigh prògram ùr sgrìobhadairean Gàidhlig sna sgoiltean agus ceàrdlainn air sgrìobhadh Gàidhlig is leughadh ann an leabharlainn air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. 

Rinn Tia obair còmhla ri teaghlaichean is clann fo aois sgoile ann an Inbhir Narann agus tha eòlas cuideachd aice air obair foillseachaidh is reic leabhraichean. 

Thuirt i:  “Tha mi air mo thogail gu mòr mun dreuchd Cò-òrdanaiche Phròiseactan aig Sgrìobhadh san Sgìre, agus a bhith a’ brosnachadh chothroman ùra dhan òigridh gu h-àraidh, ach cuideachd do dhuine sam bith eile a bhios airson feuchainn.

Chunnaic mi dealas na cloinne ann an ceàrdlainn san sgìre agam fhèin. Chuala mi cuideachd mu phròiseactan eile air feadh na Gàidhealtachd agus gu h-àraidh an obair a bha air cùl foillseachadh "Leabhar nan Gàidheal Òga". Saoilidh mi gur fhiach barrachd chothroman a thoirt dhan òigridh gus gun toir iad sùil air am beatha fhèin, air an dualchas is air an cultar, agus gus an cuideachadh a’ cur an smuaintean an cèill le misneachd agus gus an comasan a leasachadh.” 

San Ògmhios 2007 chaidh pròiseact Leabhar nan Gàidheal Òga a chur air bhog agus ’s ann mar thoradh air an sin a nochd leabhar de sgrìobhadh Gàidhlig  bho sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd.

’S e Sgrìobhadh san Sgìre an dara ceum agus tha e ag amas togail air an obair ann an Leabhar nan Gàidheal Òga.  Seo cuideachd an dara ceum ann an caidreachas eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Leabhraichean.

A’ CHRIOCH

4 Feb 2009