Seachdain Sàbhailteachd Rathaid aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Tha sgoilearan aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ cumail seachdain de thachartasan air sàbhailteachd rathaid (Diluain 7 – Dihaoine 11 Sultain).
Bidh tidsearan agus Oifigearan Òga Sàbhailteachd Rathaid a’ daingneachadh a’ Chòd Uaine Rathaid agus a’ coimhead air na cunnartan a tha an lùib sàbhailteachd rathaid.
Thuirt an t-Oifigear Òg Sàbhailteachd Rathaid (OOSR) Màiri NicIlleDhuinn: “Chòrd e glan rium a bhith nam Oifigear Òg Sàbhailteachd Rathaid seach gu bheil e math a bhith a’ cuideachadh gus daoine eile a chumail sàbhailte.”
An seo tha a co-obraiche OOSR Adhamh Mitchell a’ creidsinn gu bheil e “Cudromach gum feuch sinn ri clann nas òige a chumail sàbhailte.”
Tha bratach dhathach ga thaisbeanadh taobh a-muigh na sgoile gus cuimhneachadh do gach neach a tha a’ tadhal air an sgoil gu bheil sàbhailteachd rathaid fìor chudromach agus gu h-àraid gu bheil e cudromach a bhith a’ dràibheadh air an socair.
Thuirt an Ceannard san Eadar-ama Kirsteen Wells: “Ged a tha sàbhailteachd rathaid fìor chudromach do na sgoilearan againn fad na bliadhna, tha sinn den bheachd gu bheil e gu h-àraid cudromach aig toiseach teirm ùr. Le sgoilearan ùra a’ tighinn don sgoil agus pàrantan agus luchd-cùraim a’ toirt chloinne don sgoil faodaidh cunnartan mòra a bhith an lùib nan suidheachaidhean air nach eil iad eòlach is mar sin tha e cudromach sàbhailteachd rathaid a chur an cuimhne gach neach.”
-crìoch-