Luchd-ciùil Chùil Lodair air an t-slighe a Cheap Breatainn

Read this in English

Tha Còmhlan Cèilidh Acadamaidh Chùil Lodair a’ fàgail a-màireach (Dimàirt 26 Ògmhios) airson Ceap Breatainn ann an Albainn Nuaidh gus com-pàirt a ghabhail ann am prògram loma-làn thaisbeanaidhean, chuairtean, bhùithtean-obrach is chleasan.

Bidh an Còmhlan Cèilidh, anns a bheil 12 òganach agus 2 neach-obrach, a’ cluiche ceòl traidiseanta agus a’ seinn òrain Ghàidhlig ann an grunn àiteachan.  Thèid a’ chiad chèilidh a chumail sa Cholaiste Ghàidhlig, Baile Ban-naomh Anna, far am bi iad a’ cluiche còmhla ri Fìdhlearan Cheap Breatainn agus luchd-ciùil eile.
Tron turas bidh iad cuideachd a’ gabhail com-pàirt ann am bùithtean-obrach a thèid a chumail ann am Baile Ban-naomh Anna agus Whycocomagh.  Bidh iad cuideachd a’ feuchainn dannsa ceàrnagach traidiseanta ann am Muileann Ghleann Comhann agus bidh iad a’ cluiche aig Cruinneachadh Baddeck, agus a-muigh aig an Whycocomagh Waterfront Centre.  Às dèidh grunn chèilidhean ann an tallaichean ionadail, thèid an cèilidh mu dheireadh a chumail ann am Mabou.

Tha Còmhlan Cèilidh Chùil Lodair air dà CD a thoirt a-mach agus thèid cliù an fhir as ùire ‘Moving On’, a rinneadh còmhla ris an innleadair Charlie McKerron, àrdachadh ann an Ceap Breatainn. 
Chaidh tòrr thachartasan a chur air dòigh gus airgead a thogail airson an turais, a’ gabhail a-steach cèilidhean sgoile, cluiche a-muigh air an t-sràid, cluiche agus lìonadh bhagannan sna mòr-bhùithtean, agus chaidh tabhartasan teaghlaich agus prìobhaideach fhaighinn cuideachd.

Thog an luchd-ciùil, na tidsearan agus na pàrantan £21 000 airson an turais.
Thuirt a’ Bh-uas Alison NicCoinnich, Prìomh Thidsear a’ Chiùil aig Acadamaidh Chùil Lodair: “’S e cothrom air leth a tha seo do bhuidheann sgoilearan dìcheallach is tàlantach.  Tha iad air obair mhòr a dhèanamh thar na bliadhna gus airgead a thogail airson a dhol a Cheap Breatainn agus tha iad a-nis a’ coimhead air adhart ri cluiche ann an sgìre anns a bheil dualchas na Gàidhealtachd cho làidir.  Tha an còmhlan fìor thoilichte airson na taic a fhuaireadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis, Caraidean Ceòl na Gàidhealtachd, gnìomhachasan ionadail agus a’ choimhearsnachd.”

Arsa ise cuideachd: “Fhad ’s a tha sinn ann an Ceap Breatainn bidh sinn cuideachd a’ coinneachadh ri Lodaidh MacFhionghain, Ceannard Oifis Iomairtean na Gàidhlig, agus tha sinn gu mòr na chomainn, agus an comainn iomadh buidheann is neach eile, is iad air cuideachadh gus prògram inntinneach is togarrach a chur air dòigh dha na daoine òga. Tha fios agam gum mair dìleab an turais airson iomadh bliadhna fhathast.”

Thuirt Jimmy Gray, Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, gun robh e a’ guidhe deagh thuras dhan luchd-chiùil òga.  Arsa esan: “Tha sinn fìor thoilichte cuideachadh is taic a thoirt dhan chòmhlan agus tha mi cinnteach gum bi iad nan deagh thosgairean airson na Gàidhealtachd air fad.  Tha ceòl na phàirt cudromach de bheatha Acadamaidh Chùil Lodair agus tha seo ri fhaicinn san t-sàr oideachadh a tha na sgoilearan a’ faighinn bhon luchd-obrach agus cuideachd ann am proifeiseantachd nan sgoilearan fhèin.  Tha mi cinnteach gun toir an turas eòlas math dhan òigridh againn, a bharrachd air a bhith a’ toirt cothrom do mhuinntir Cheap Breatainn a’ chuid as fheàrr den cheòl thraidiseanta againn fhèin a chluinntinn.”

Thuirt Maurice Mac a’ Ghobhainn Urramach, Ministear nan Iomairtean Gàidhlig, Riaghaltas na h-Albann Nuaidh: “Fo aonta le Comhairle na Gàidhealtachd ann an Alba, a tha ag aithneachadh cànan agus cultar co-roinnte na Gàidhlig agus an cothrom airson deasbaireachd is co-iomlaid, tha Alba Nuadh a’ cur fàilte air Còmhlan Cèilidh Chùil Lodair bho Acadamaidh Chùil Lodair, Alba.  Tha Coimhearsnachd Ghàidhlig na h-Albann Nuaidh a’ leantainn air adhart ag obair gus coimhearsnachd is dearbh-aithne ionadail a thogail le bhith a’ gleidheadh, a’ leasachadh is a’ fàs na Gàidhlig agus an t-so-mhaoin chultarail a tha co-cheangailte rithe.  Mar sin tha an tadhal seo bho oileanaich Acadamaidh Chùil Lodair a’ toirt cothrom dhuinn barrachd ionnsachadh bho chèile, an cleachdadh as fheàrr a dhaingneachadh, agus cànan is cultar na h-Albann Nuaidh a thaisbeanadh do mhuinntir na h-Alba.”

CRÌOCH

26 Jun 2012