Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ togail Cuach na Cloinne 2012

Read this in English

‘S iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a thog Cuach na Cloinne 2012 an dèidh farpais air leth tarraingeach is teann.  Chaidh na cuairtean deireannach den fharpais a chumail sa Ghearasdan air an deireadh sheachdain far an robh na deich sgiobannan a b’ fheàrr bho air feadh Alba a’ strì airson tiotal na bliadhna.  Aig a’ cheann thall b’ iad sgiobannan a Bhac, Cnoc na Creige, Port Rìgh is Inbhir Nis a fhuair troimhe chun iar-chuairtean deireannach le Inbhir Nis a’ dèanamh a’ ghnothach 2-0 an aghaidh Port Righ sa chuairt dheireannach.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, a chuir an fharpais air adhart, “Bha farpais na bliadhna sa air leth tarraingeach, bhon sia farpaisean roinneil a chum sinn thairis an dà mhìos a chaidh seachad, troimhe chun cuairtean deireannach a bh’ againn air an deireadh sheachdain.  Tha e follaiseach gu bheil an fharpais a’ còrdadh ris an òigridh, agus gu dearbha ris na h-inbhich, pàrantan is luchd-teagaisg, a bhios a’ toirt taic dhan chlann.  Tha e na fhìor thlachd a bhith a’ cluinntinn an òigridh a’ cleachdadh na Gàidhlig am measg a chèile agus iad a’ faighinn deagh spòrs aig an aon àm.  Se feallsanachd a th’air cùlaibh an fharpais, gum bidh clann aig am bheil Gàidhlig a’ faighinn cothroman taobh a-muigh na sgoile an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus cuideachd gu faic iad gu bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh air feadh na h-Alba, agus nach ann a-mhàin sna sgìrean aca fhèin.  Tha sinn fada an comann nan sgoiltean airson an taic agus cuideachd na buidhnean a tha a’ toirt an taic-airgid dhuinn a leigeas leinn an fharpais a chuir air dòigh – is iadsan, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar is MG ALBA.  Bidh sinn an dùil a bhith air ais aig toiseach 2013 le Cuach na Cloinne 2013!”

Thuirt Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Tha e cudromach do Bhòrd na Gàidhlig gum bi raon fharsaing de chothroman do dhaoine òga, ann an Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan a bheir an sgilean Gàidhlig air adhart tro bharrachd cleachdaidh. Tha Cuach na Cloinne na phàirt chudromach de bliadhna na sgoile is tha sinn toilichte gum b’ urrainn dhuinn taic a chumail ris.”

Chuir Brian Murphy, Comhairliche Chomhairle na Gàidhealtachd airson Uàrd a’ Ghearasdain agus Àird nam Murchan, meal-an-naidheachd air na sgiobaidhean uile a ghabh com-pàirt agus thug e seachad na duaisean.  Arsa esan: “Tha an fharpais seo a’ toirt cothrom sgoinneil dhan a’ Chomhairle gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh òga na Gàidhlig agus an teaghlaichean sna coimhearsnachdan againn.  Tha iad ag ionnsachadh a’ chànain ann an dòigh tharraingeach agus a’ dèanamh ceangal le daoine eile, chan ann a-mhàin sna sgìrean aca fhèin ach ann an sgìrean eile cuideachd.”

A thuilleadh air cupa Cuach na Cloinne, a bhios an sgioba a ghleidheas an fharpais a’ cumail airson bliadhna, chaidh cuideachd cuachan MG ALBA, a bhios iad a’ gleidheadh mar chuimhneachan maireannach air soirbheachas na sgioba a thoirt do gach cuid Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus Bun-sgoil Phort Rìgh.

-Crìoch-

26 Jun 2012