Sgoilearan Gàidhlig a’ toirt sonas Nollaige gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Read this in English

Fhuair Buill Chomhairle na Gàidhealtachd cothrom èisteachd ri sgoilearan bho Bhun-sgoil Gàidhlig Inbhir Nis an t-seachdain seo ro choinneamh na Comhairle aig a’ Phrìomh Oifis ann an Inbhir Nis.

Ghabh còrr is fichead sgoilear bho chlasaichean 6 agus 7 òrain Ghàidhlig stèidhichte air cuspair fiolmaichean a thàinig a-mach aig àm na Nollaige.

Thug Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Jimmy Gray taing do na sgoilearan agus na tidsearan airson an cuid seinn, ag ràdh: “Tapadh leibh airson a’ chur-seachad ràitheil agus airson blàths a thoirt a-steach dhan Chomhairle ron Nollaig – bha e uabhasach fhèin tlachdmhor.”

Thuirt Mgr Seumas Lyon, Ceannard na Sgoile: “Chòrd e glan ris na sgoilearan againn an cothrom fhaighinn cluiche ro sheisean na Comhairle. Tha tòrr soirbheachais air a bhith againn am-bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bha e fìor mhath cothrom fhaighinn cuid den obair againn a thaisbeanadh do na Comhairlichean Gàidhealach againn. Tha e sgoinneil gu bheil tè de na pàrantan againn, Eilidh Barker, cho eòlach air a bhith a’ stiùireadh a’ chòisir againn cuideachd. Nollaig Chridheil.”

-crìoch-

9 Jan 2014