Cuach na Cloinne 2013 a’ dol gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – a-rithist!

Read this in English

‘B iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghlèidh Cuach na Cloinne 2013, am farpais ball-coise airson bun-sgoiltean Ghàidhlig, a’ dèanamh a chuis air Bun-sgoil a’ Bhac sa chuairt dheireannach.  Be seo an darna bliadhna an dèidh a chèile a thog Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an duais.  Ghabh 37 sgiobannan bho 20 sgoil bho air feadh Alba pàirt ann am farpais na bliadhna sa, a bh’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus MG ALBA.

17 Jun 2013