Ceannard ùr an dreuchd aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ceannard ùr a chur an dreuchd ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Is esan Seumas Lyon, a tha air a bhith na cheannard san eadar-ama san Sgoil Ghàidhlig bho àm na Càisge am-bliadhna.
Tha Mgr Lyon air tòiseachadh san dreuchd mar-thà.
Ghluais e dhan Ghàidhealtachd gu bhith na cheannard air Bun-sgoil Àird nan Saor, anns a bheil 100 sgoilear, agus ron a sin bha e ann an dreuchd stiùiridh sgoile bho 2001, an dà chuid ann am Peairt agus ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Tha e fìor thoilichte dreuchd fhaighinn ann an sgoil anns a bheil 190 sgoilear bun-sgoile agus 90 san sgoil-àraich.
Tha ùidh thogarrach aig Mgr Lyon sa Ghàidhlig agus tha e a’ cur roimhe a bhith fileanta anns a’ chànan. Tha e mar-thà air a bhith air cùrsa-còmhnaidh samhraidh aig Sabhal Mòr Ostaig – a’ cholaiste Ghàidhlig ann an Slèite an Eilein Sgitheanaich – agus tha e a-nis ag ionnsachadh air cùrsa Luchd-tòiseachaidh Gàidhlig. Tha e an dùil a bhith an làthair aig cùrsa-còmhnaidh eile aig Sabhal Mòr Ostaig sa Chàisg an-ath-bhliadhna.
Ars esan: “Tha e air còrdadh rium gu mòr a bhith san sgoil bhon a ghluais mi an seo aig àm na Càisge. ’S e àrainneachd ionnsachaidh air leth a th’ anns an sgoil, le sàr luchd-obrach is sgoilearan a tha cho deònach ionnsachadh. Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt na Bun-sgoile air adhart. Faodaidh coimhearsnachd na sgoile a bhith cinnteach gu bheil dealas 100% agam an cànan ionnsachadh is còmhradh ri luchd-obrach, sgoilearan agus pàrantan sa Ghàidhlig.”
-crìoch-